B’ e bàrd a bh’ ann an Donnchadh MacIain (20 An Lùnastal 1881, Lag a’ Mhuilinn, Ìle – 20 An t-Iuchar 1947, Glaschu). Ghabh e san arm anns a’ Chogadh Mòr. Às dèidh a’ Chogaidh, bha e ag obair mar leabhraiche aig Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e an Crùn aig a’ Mhòd Nàiseanta ann am Peairt (1929). Nochd h-òrain aige anns an duanaire Crònan nan Tonn.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Aoir air na h-Eòin’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar X, Àireamh 2 (Earrach 1913)
- ‘Cumha Eabh’ [bàrdachd, Gàidhlig, eadar-theangachadh bho sheann Ghàidhlig na h-Èireann], Leabhar X, Àireamh 1 (Geamhradh 1913)
- ‘Marabh-Rann do Niall MacLeòid’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XI, Àireamh 1 (Earrach 1914)
- ‘An Guth’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar IV (1930)
- ‘Red Donald of the Hill-Foot’ [rosg, Beurla; eadar-theangachadh bho Ghàidhlig le Ruaraidh Arascain], Àireamh 8, Leabhar I (An t-Òg-mhios 1928)
Stòrasan
- Ronald Black, ‘Duncan Johnston (Donnchadh MacIain) 1881–1947,’ An Tuil: Anthology of Twentieth-Century Gaelic Verse (Dùn Èideann: Polygon, 1999)
- Lachlann MacFhionghuin (deas.), ‘Donnchadh MacIain,’ Bàird a’ Chomuinn (1953)