
B’ e maighstir-sgoile a bh’ ann am Dòmhnall MacÌomhair (4 An Lùnastal 1857, Ùig, Leòdhas – 28 An Sultain 1935, Garrabost). Bha e a’ teagaisg ann am Pabail, An Rubha, Leòdhas, agus fhuair Seumas MacThòmais, a bha ’n sàs anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain, an dreuchd às a dhèidh. A bharrachd air bàrdachd, dh’fhoillsich MacÌomhair an leabhar-rannsachaidh Place-Names of Lewis and Harris (1934).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Dàn do Dhòmhnull MacLeòid, Fear-Iùil a’ Phrionnsa’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar II (1918)
Stòrasan
- Ronald Black, ‘Donald Maciver (Dòmhnall MacÌomhair) 1857–1935,’ An Tuil: Anthology of Twentieth-Century Gaelic Verse (Polygon, 1999)
- Derick S. Thomson, ‘MacÌomhair, Dòmhnall,’ The Companion to Gaelic Scotland (Blackwell, 1983)