
B’ e bàrd agus sgrìobhadair rosg a bh’ ann an Dòmhnall MacEacharn (1836, Diùra – 1908). Rugadh e ann an Diùra ach thogadh e ann an Glaschu. Bha e a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus ag obair mar neach-ionaidh aig a’ chompanaidh-stàile. Nochd na sgrìobhaidhean aige – bàrdachd, òrain, aistean, agus eadar-theangachaidhean – an Am Fear Ciùil (1904).
Bha Ruaraidh Arascain glè mheasail air an obair aige: rinn e eadar-theangachaidhean bho na sgrìobhaidhean aige gu Beurla a nochd anns an aiste ‘Ealain Dhòmhnaill MhicEacharn,’ Guth na Bliadhna (Earrach & Samhradh 1911) agus anns a’ cho-chruinneachadh The Old Tribute (1929).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Am Flùran’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Òg-mhios 1901)
- Ruaraidh Arascain: ‘Ealain Dhòmhnaill MhicEacharn’ [aiste, Beurla], Leabhar VIII, Àireamh 2 (An t-Earrach 1911) & Àireamh 3 (An Samhradh 1911), le eadar-theangachaidhean bho Ghàidhlig a rinn Ruaraidh Arascain
- ‘Reformation’ [rosg, Beurla; eadar-theangachadh bho Ghàidhlig le Ruaraidh Arascain], Àireamh 78, Leabhar 38 (An Samhradh 1915)
- ‘The Exploits of the Aged’ [rosg, Beurla; eadar-theangachadh bho Ghàidhlig le Ruaraidh Arascain], Àireamh 80, Leabhar 38 (An Geamhradh 1915)
- ‘Rot’ [rosg, Beurla; eadar-theangachadh bho Ghàidhlig le Ruaraidh Arascain], Àireamh 88, Leabhar 40 (An Geamhradh 1917)
- “A Night on Ceilidh” [rosg, Beurla; eadar-theangachadh bho Ghàidhlig le Ruaraidh Arascain], Àireamh 7, Leabhar I (An Cèitean 1928)