
B’ e ministear ann an Eaglais na h-Alba, bàrd, eadar-theangadair, agus iomairtiche a bh’ ann an Dòmhnall MacCaluim (9 An Dàmhair 1849, Bàrr a’ Mhuilinn, Creiginis, Earra-Ghàidheal – 1929, Gleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach). Bha e ’n sàs gu mòr ann an Strì an Fhearainn, agus bha e a’ seasamh còraichean nan croitearan. Mar mhinistear, fhuair e dreuchd ann an iomadh sgìre: ann an Tiriodh, an Leòdhas, agus anns an Eilean Sgitheanach. Nochd a’ bhàrdachd aige ann an Dàin Dòmhnullan (1925) agus na searmonan ann an An Tur Làidir (c. 1890).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Feachd na h-Èiginn’ [bàrdachd; Gàidhlig], Leabhar XI, Àireamh 3 (Am Foghar 1914)
- ‘An Sile’ [bàrdachd; Gàidhlig], Leabhar XI, Àireamh 4 (An Geamhradh 1914)
- ‘Failte don Earrach’ [eadar-theangachadh bho Pierre de Ronsard; Gàidhlig], Leabhar XIII, Àireamh 1 (An t-Earrach 1916)
- ‘Gàradh na Luchairte’ [eadar-theangachadh bho The King’s Quair; Gàidhlig], Volume XIII, Àireamh 2 (An Samhradh 1916)
- ‘Luchairt Chill-chuirn’ [eadar-theangachadh bho Wordsworth; Gàidhlig], Leabhar XIII, Àireamh 3 (Am Foghar 1916)
- ‘Seumas I., Rìgh Albann, mar Bhàrd’ [aiste; Gàidhlig], Leabhar XIII, Àireamh 4 (Geamhradh 1916)
- ‘Bruadar air Bàrdachd’ [rosg, bàrdachd, eadar-theangachaidhean; Gàidhlig], Leabhar XIV, Àireamh 2 (An Samhradh 1917)
- ‘Iain Dryden air Gràdh’ [eadar-theangachadh bho John Dryden; GD], Leabhar XIV, Àireadh 4 (AN Geamhradh 1917)
- ‘Dùsgadh na Clàrsaich’ [bàrdachd; Gàidhlig], Leabhar XV, Àireamh 1 (An t-Earrach 1918)
- ‘Rob Ruadh Mac Griogair’ [aiste agus bàrdachd; Gàidhlig], Leabhar I (1917)
- ‘An Reul’ [bàrdachd; Gàidhlig], Leabhar II (1918)
Stòrasan
- Donald E. Meek, ‘Preaching the Land Gospel: the Rev. Donald MacCallum (1849-1929) in Skye, Tiree and Lochs, Lewis’ (òraid, co-labhairt Urras Leabhraichean nan Eilean, ‘After the Clearances’, Baile Ailein, Leòdhas, An t-Sultain 2012), Passages from Tiree
- Artaigilean air Dòmhnall MacCaluim, An Iodhlann: Tiree’s Historical Centre