Dòmhnall Mac a’ Phearsain

Dealbh-camara bhon àm nuair a bha Dòmhnall Mac a’ Phearsain anns an airm. Buidheachas do Chestico Museum & Historical Society (chesticoplace.com).

Bha Dòmhnall Mac a’ Phearsain (1872, Glaschu, Ceap Breatainn – 1 An Lùnastal 1959) na shagairt, agus aig àm a’ chiad chogaidh, bha e na mhinistear-feachd. Ann an 1919, fhuair e dreuchd ann am Port Hood, Alba Nuadh, agus bha e stèidhichte anns a’ pharaiste fad 37 bliadhna. Tha na pìosan uile a dh’fhoillsich e ann an Alba a’ dèiligeadh ri Ceap Breatainn: iomradh air marbhrann a rinn Coinneach MacRath anns an 18mh linn air a thar-sgrìobhadh le Alasdair MacRath, òran, agus litir. Nochd na pìosan seo leis an soidhneadh  ‘D. M. P.’  Bha Mac a’ Phearsain ann an conaltradh còmhla ri Teàrlach Loch.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Alba

  • ‘D. M. P.’: ‘À Ceap Breatunn’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 36 (10 An Dàmhair 1908)
  • ‘D. M. P.’: ‘Cumha: Le Coinneach MacRath’ [bàrdachd le iomraidhean, Gàidhlig; tar-sgrìobhadh le Alasdair MacRath], Àireamh 36 (10 An Dàmhair 1908)
  • ‘D. M. P.’: ‘À Ceap Breatunn’ [òran le iomraidhean, Gàidhlig], Àireamh 48 (2 Am Faoilleach 1909)

Stòrasan

  • John G. Gibson, Gaelic Cape Breton Step-Dancing: An Historical and Ethnographic Perspective (McGill-Queen’s University Press, 2017), d. 101.
  • Anja Gunderloch, The Gaelic Manuscripts of Glasgow University: A Catalogue (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007)
  • A. J. MacMillan, To the Hill of Boisdale: a short history and a genealogical tracing of the pioneer families of Boisdale, Cape Breton, and the surrounding areas (1868)
  • ‘Donald MacPherson,’ Canada’s Great War Album