Dòmhnall M. MacEamonn

B’ e sagart a bh’ ann an Dòmhnall Marie MacEamonn (‘MacEadhmoin’), SP (3 An Gearran 1867, Alba Nuadh – 11 An Lùnastal 1924, Sydney, Ceap Breatainn). Chuir e air dòigh, còmhla ri feadhainn eile, Comann Caitligeach Albannach Chanada ann an 1919, agus bha na sgrìobhaidhean Gàidhlig aige a’ nochdadh anns an iris Chaitligeach The Casket. Sgrìobh e corra litir gu Teàrlach Loch.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • [litir, Gàidhlig]; Volume I, Issue 3 (An Samhradh 1904)
  • Iain MacDhonnchaidh: ‘Òran a’ Chreidimh’ [bàrdachd, Gàidhlig; tar-sgrìobhadh le Donald M. MacAdam, a’ freagairt ri litir bho Alasdair MacRath], Volume IV, Issue 3 (Summer 1907)

Alba II

  • ‘O Chanada’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 3 (17 Am Faoilleach 1920)

Stòrasan