B’ e sgrìobhadair agus neach-teagaisg a bh’ ann an Diarmuid Ó Foghludha (1864–1934). Bha e a’ cleachadh ‘Feargus Finnbheil’ mar ainm-pinn. B’ esan a’ chiad ceannard aig Coláiste na Mumhan (Ballingeary Summer College) a chaidh stèidheachadh ann an 1904. Dh’fhoillsich e Finnsgéalta na h-Araibe (1908), tionndadh de na sgeulachdan Aràbianach gu Gàidhlig na h-Èireann, agus An Macleighinn: Leabhar Chomhraidh (1908).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Guth o Thìr nan Òg’ [rosg, Gàidhlig na h-Èireann], Leabhar II, Àireamh 4 (Foghar 1905)
Stòrasan
- Lachlann MacBheathain (deas.), ‘Foley, Dermot’ The Celtic Who’s Who (Cair Chaladain: The Fifeshire Advertiser, 1921)
- Diarmuid Breathnach & Máire Ní Mhurchú, ‘Ó FOGHLUDHA, Diarmuid (1864–1934),’ Ainm.ie