
B’ e eòlaiche na Gàidhlig a bh’ ann an Deòrsa MacEanraig (1866, Cill Targhlain – 1912). Fhuair e fòghlam ann an Dùn Èideann, Oxford, Berlin, agus Vienna. Chaidh a fhastadh mar a’ chiad òraidiche làn-ùine ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Dh’fhoillsich e leabhraichean-rannsachaidh, mar eisimpleir Leabhar nan Gleann (1898) agus The Norse Influence on Celtic Scotland (1910).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Ciad Mhac Rìogh Afraca’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 4 (Am Foghar 1905). Chaidh an sgeulachd a sgrìobhadh sìos le Deòrsa MacEanraig bho aithris le Iain MacFhionghain, Daliburgh, Uibhist a Deas.
Stòrasan
- Derick Thomson, ‘Henderson, Dr George,’ The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, 1994)
- ’20mh linn – Eachdraidh na Roinne,’ Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu