Rinn Deòrsa Calder (1859, Durris – 1941) ceum ann an Laideann agus Greugais aig Oilthigh Obar Dheathain agus as dèidh sinn ann an diadhachd aig Oilthigh Dhùn Èideann. Dh’ionnsaich e Gàidhlig nuair a bha e na mhiseanaraidh ann an Siorrachd Pheairt. Dh’fhoillsich e eagrain ùra de sgrìobhaidhean ann an seann Ghàidhlig na h-Èireann, A Gaelic Grammar (1923), agus eagrain ùra de bhàrdachd le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and Uilleam Ros. Chaidh a fhastadh mar òraidiche ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1912 agus dh’fhan e san dreuchd seo gu ruige 1935.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘The Bard of Glenorchy’ [aiste, Gàidhlig], Leabhar IV, Àireamh 3 (An Samhradh 1907)
- ‘Whitley Stokes’ [iomradh-bàis], Leabhar VI, Àireamh 3 (An Samhradh 1909)