Bha Coinneach MacLeòid (1871, Sannabheag, Eige – 9 An t-Iuchar 1955, Dùn Èideann) na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Bha e a’ cruinneachadh beul-aithris, agus b’ e bàrd agus sgrìobhadair rosg a bh’ ann. B’ esan a chuidich Marsaili NicUalraig Fhriseal (Marjory Kennedy-Fraser) nuair a bha i ag obair air an leabhar The Songs of the Hebrides (1909).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Far an Robh Naomh’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar X, Àireamh 4 (Am Foghar 1913)
- ‘The Spell of the Sea’ [rosg, Beurla; eadar-theangachadh bho Ghàidhlig le Ruaraidh Arascain], Leabhar 81, Àireamh 39 (An t-Earrach 1916)
Stòrasan
- Tòmas M. MacCalmain (deas.), Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid / The Gaelic Prose of Kenneth MacLeod (Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba, 1988)