
B’ e tidsear agus neach-rannsachaidh a bh’ ann an Claude Chavasse | C. A. Cheabhasa (1886, Oxford –1971). Bha e ’n sàs ann an iomairtean as leth Gàidhlig na h-Èireann. Thogadh e ann an Oxford, far an d’fhuair e ceum aig Oilthigh Oxford ann an Ceiltis ann an 1908. As dèidh sin, bha e a’ fuireach agus ag obair ann an Èireann. Bha e na cheann-suidhe aig Conradh na Gaeilge ann an Oxford.
Ann an 1916, chaidh a chur an grèim agus a chionntachadh nuair a bha e a’ bruidhinn Gàidhlig na h-Èireann ann an ceann a deas na dùthcha. Dh’fhoillsich An Deò-Ghrèine (Leabhar XI, Àireamh 7, 1916, d. 108-109) aithisg air a’ chuspair seo.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘I, Innis agus Eilean’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 42 (21 An Samhain 1908)
- ‘Sgrìobhadh na Gàidhlig’ [litir, Gàidhlig], Àireamh 47 (26 An Samhain 1908)
Stòrasan
- Diarmuid Breathnach & Máire Ní Mhurchú, ‘CHAVASSE, Claude Albert (1886-1971),’ Ainm.ie
- ‘Claude Chavasse,’ Cumann Staire Uíbh Laoire | Ballingeary and Inchigeela Historical Society
- ‘Claude Chavasse (1886-1971) and the Gaelic Revival,’ Músaem Contae Phort Láirge (Am Màrt 2023)