B’ e eòlaiche na Gàidhlig a bh’ ann an Charles Moncrieff Robertson (1864 – 11 An t-Òg-mhios 1927), à Srath Spè. Bha e na mhinistear aig an Eaglais Shaor Aonaichte ann an Cill Chomain, Ìle. Rinn e rannsachadh air dualchainntean agus ainmean-àite na Gàidhlig. Nochd iomadh pàipear a sgrìobh e ann an The Celtic Review agus ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness.
A rèir an iomraidh-bàis a nochd ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness XXXII (1924-1925, an clò 1929, d. ix), bha e a’ cleachdadh ainm-pinn ‘Dearg MacDhonnchaidh’ (Dargo Duncanson), as dèidh gaisgeach Srath Spè, gu h-àraid anns an 1900an. Chaidh aon de na sgeulachdan a nochd anns Am Bàrd an toiseach fhoillseachadh a-rithist anns An Deò-Gréine (Leabhar XVII, Àireamh 10, 1922).
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Dearg MacDhonnchaidh’: ‘Eachdraidh air Cailleach Bheur’ [beul-aithris, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 1 (An Cèitean 1901)
- ‘Dearg MacDhonnchaidh’: ‘Dòmhnall Mòr a’ Bhocain’ [beul-aithris, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Òg-mhios 1901)