
Bha Camille Le Mercier d’Erm | Kamil Ar Merser ‘Erm (12 An t-Samhain 1888, Niort – 18 An Lùnastal 1978, Dinard) na bhàrd, neach-eachdraidh, foillsichear, agus iomairtiche as leth na Breatnais. Chuir e air bhonn Parti Nationaliste Breton ann an 1911 agus am pàipear-naidheachd Breizh Dishual. Bha e a’ cleachdadh ‘Kammermor’ mar ainm bàrdail. Ann an 1919, dh’fhoillsich e dàn fada, Irlande à jamais, ode aux martyrs de 1916, a’ cuimhneachadh Ar-a-mach na Càisge ann an Èirinn.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘The Renaissance of Brittany’ [aiste, Beurla; eadar-theangachadh le Ithel ab Morgan], Àireamh 95, Leabhar 42 (Am Foghar 1919)
Stòrasan
- ‘Camille Le Mercier d’Erm,’ Bibliothèque Numérique Bretonne et Européenne