‘Calum Seòladair’

Chuir sgrìobhadair air an robh ‘Calum Seòladair’ (gun deitichean dearbhte) litir gu Guth na Bliadhna. Thàinig an litir às ‘A’ Bhàgh, Na Hearadh’. Nochd an t-artaigil a sgrìobh e air teagasg na Gàidhlig ann an Highland News an toiseach agus chaidh a fhoillseachadh a-rithist ann an Alba.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Alba

  • ‘Calum Seòladair’: ‘A’ Ghàidhlig anns na Sgoilean’ [artaigil, Gàidhlig] (bho Highland News), 25 An t-Iuchar 1908

Guth na Bliadhna

  • ‘Calum Seòladair, A’ Bhàgh anns na Hearadh’ [litir, Gàidhlig], Leabhar XIV, Àireamh 1 (An t-Earrach 1917)