B’ e seinneadair agus bàrd a bh’ ann an Calum MacRath (1882, Tote, An t-Eilean Sgitheanach – 1938). Dh’imrich e a Ghlaschu. Choisinn e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta anns an Òban (1926), leis an dàn ‘Cuairt Mhaidne ‘a Bhuachaille.’
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘An t-Eilean Sgiathanach’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XVI, Àireamh 3 (Am Foghar 1919)
- ‘Aisling’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar II (1918)
- ‘Duanag nan Seòladair’ [òran, Gàidhlig], Àireamh 23 (An Cèitean 1921)
Stòrasan
- Anne Loughran, ‘Traditional poets and songmakers,’ Gaelic Literature of the Isle of Skye: An Annotated Bibliography (Sabhal Mòr Ostaig, 2018)