Calum MacAonghais

Bha Calum MacAonghais (1871, Slèite – 1951) na bhàrd, sgrìobhadair, agus neach-lagha. Thogadh e anns an Eilean Sgitheanach ach dh’imrich e a dh’Afraga a Deas. Sgrìobh e Iseabail, dealbh-cluich le òrain a nochd an toiseach mar shreath anns A’ Bhàrd agus na bu ainmiche mar leabhran slàn ann an 1933.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Am Bàrd

  • ‘Iseabail, no ri Linn Do Sheanar’ [leabhran operetta, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 1 – Àireamh 5 (An Cèitean – An t-Sultain 1901)
  • ‘Alexander MacDonald’ [aiste, Beurla], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Òg-mhios 1901)

An Ròsarnach

  • ‘Duan nan Gillean-Cùlaig’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar IV (1930)

Stòrasan