‘Cailein Gorm’

Rinn an sgrìobhadair air an robh an t-ainm-pinn ‘Cailein Gorm’ (gun deitichean dearbhte) eadar-theangachadh de ‘Elegy Written in a Country Churchyard’ (1751) le Thomas Gray bho Bheurla gu Gàidhlig. Bha ùidh aig Ruaraidh Arascain ann an eadar-theangachadh eadar an dà chànan, agus ’s dòcha gun do rinn e fhèin am pìos.

Mar a mhìnich Raghall MacilleDhuibh (An Tuil, 1999), tha dà eadar-theangachadh eile ann: aon dhiubh le Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill, a nochd anns a’ cho-chruinneachadh Chì Mi (1998), deas. Bill Innes, agus fear eile le Donnchadh MacDhunlèibhe, nach deach fhoillseachadh riamh agus a chaidh lorg am meas pàipearan a’ bhàird.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • [Thomas Gray]: ‘Marbhrann Sgrìobhta an Cill Dùthcha’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh de ‘Elegy Written in a Country Churchyard’ le ‘Cailein Gorm’], Leabhar IX, Àireamh 2 (An Samhradh 1914)