Bernard FitzPatrick

B’ e saighdear agus uachdaran a bh’ ann am Bernard FitzPatrick (29 An t-Iuchar 1848, Lunnainn – 29 An Cèitean 1937), Dàrna Tighearna Castletown. Dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann. Còmhla ri Edmund Edward Fournier d’Albe, stèidhich iad An Comunn Ceilteach (Celtic Association) agus chuir iad air dòigh a’ chiad Chòmhdhail Phan-Cheilteach ann am Baile Átha Cliath ann an 1901: bha FitzPatrick ’n sàs mar chathraiche agus Fournier D’Albe mar rùnaire.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Am Bàrd

  • ‘The Celtic Movement’ [aiste, Beurla], Àireamh I (An Cèitean 1901)

Stòrasan