
B’ ann às an Eilean Sgitheanach a bha Aonghas MacDhonnchaidh (6 An Dàmhair 1871, Breacais, An t-Eilean Sgitheanach – 21 An Dàmhair 1948, Bearsden). Dh’imrich e a Ghlaschu agus fhuair e obair aig taigh-fhoillseachaidh. Bha e ’n sàs anns a’ Chomunn Gàidhealach. Sgrìobh e aon de na ciad nobhailean ann an Gàidhlig, An t-Ogha Mór (1913), le dealbhan a rinn Aodh Mac an Rothaich. Nochd earrannan bhon nobhail an toiseach anns An Sgeulaiche, agus dh’fhoillsich Ruaraidh Arascain lèirmheas air an nobhail ann an Guth na Bliadhna (Am Foghar 1913).
Bha e ri bàrdachd agus chaidh na dàin aige fhoillseachadh anns a’ cho-chruinneachadh Cnoc an Fhradhairc (1940). Dh’eadar-theangaich e an dàn ‘The Pipes at Lucknow’ le John Greenleaf Whittier gu Gàidhlig. Chaidh cuid de na h-aistean aige fhoillseachadh ann an Children of the Fore-World (1933), a-rithist le dealbhan a rinn Aodh Mac an Rothaich.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Sanas bho Thìr-nan-Òg’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar VIII, Àireamh 3 (An Samhradh 1911)
- ‘The Celtic Horoscope’ [aiste, Beurla], Leabhar VIII, Àireamh 4 (Am Foghar 1911)
- ‘Neil Munro: An Appreciation’ [aiste, Beurla], Leabhar IX, Àireamh 1 (An Geamhradh 1912)
- John Greenleaf Whittier: ‘A’ Phiobmhor aig Lucgnodh’ [bàrdachd, Gàidhlig; eadar-theangachadh le Aonghas MachDhonnachaidh], Leabhar IX, Àireamh 3 (An Samhradh 1912)
- ‘Henry Whyte (“Fionn”)’ [iomradh-bàis, Beurla], Leabhar X, Àireamh 1 (An Geamhradh 1913)
- ‘Mac Fhraing mu Dheireadh’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 2 (An Dàmhair 1909)
- ‘Ceòl nan Claidheamh Dearga’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 4 (An Dùbhlachd 1909)
- ‘Why the Land?’ [aiste, Beurla], Àireamh 73, Leabhar 37 (An t-Earrach 1914)
Stòrasan