Dh’imrich Aonghas Camshron MacDhonnchaidh (1867, Breacais, An t-Eilean Sgitheanach – 11 An t-Sultain 1945, Dunedin) à Alba gu Sealainn Nuadh ann an 1889. B’ e sgrìobhadair agus searmonaiche-tuatha a bh’ ann. Chaidh MacDhonnchaidh ainmeachadh mar bhàrd urramach Comunn Gàidhlig Shealainn Nuaidh, agus bha e ’n sàs ann an Dunedin Burns Club. Nochd na sgrìobhaidhean aige ann an iomadh leabhar, leithid Sketches and Poems on Sea and Land (1910) agus Echoes from Beyond the Wave (1919). Chaidh a chomharrachadh le plàc air Dunedin Writers’ Walk.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
Guth na Bliadhna
- [litir, Beurla; bho Aonghas Camshron MacDhonnchaidh, Dunedin, Sealann Nuadh], Leabhar IX, Àireamh 2 (An Samhradh 1914)
- ‘Moladh na Gàidhlig’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XI, Àireamh 3 (Am Foghar 1914)
Stòrasan