Alasdair MacGill-Eain Mac na Ceàrdaich

Dealbh-camara a nochd ann an eagrad ùr de ‘Clàrsach na Coille’, deas Eachann MacDhùghaill (Glaschu: MacLabhrainn, 1928).

Bha Alasdair MacGill-Eain Mac na Ceàrdaich (1840, Glenbard, Antigonis, Alba Nuadh – 1924) na bhàrd agus eòlaiche na Gàidhlig. Bha e na mhinistear ann an Springville, Sunnybrae, agus Beul Feirste, Eilean a’ Phrionnsa, ann an Canada. Nuair a leig e dheth an dreuchd, bha e a’ teagaisg eòlas na Ceiltis aig Oilthigh Naomh Fransaidh Xavier agus aig Oilthigh Dhalhousie. Dheasaich e co-chruinneachaidhean de bhàrdachd Ghàidhlig: Clàrsach na Coille (1881), Comhchruinneachadh Ghlinn-a’-Bhaird (1888), agus an t-sreath The Gaelic Bards (1890-96).

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Am Bàrd

  • ‘Luinneag’ [òran, GD; ath-fhoillseachadh bho The Casket], Leabhar I, Àireamh 5 (An t-Sultain 1901)

Stòrasan