Alasdair MacDhòmhnaill

Dealbh-camara a nochd anns ‘An Deò-Grèine’ (Leabhar VII, Àireamh 12, 1912), d. 196.

Bha Alasdair MacDhòmhnaill (1860, Gleann Moireasdan – 6 An Gearran 1928) a’ cleachdadh ‘Gleannach’ mar ainm-pinn. Dh’fhoillsich e leabhraichean air ceòl agus òrain tradaiseanta, leithid Còinneach is Coille agus Story and Song from Loch Ness-side. Nochd na pàipearan aige ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness. Bha e na chunntasair aig Rathad Iarainn na Gàidhealtachd.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Don Chadal’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XX, Àireamh 2 (An t-Earrach 1925)

Stòrasan

  • Ruaraidh MacThòmais, ‘Alexander MacDonald (Gleannach)’, The Companion to Gaelic Scotland (Gairm, 1994)