Alasdair MacDhòmhnaill (Bàrd na Ceapaich)

B’ e bàrd a bh’ ann an Alasdair MacDhòmhnaill (1820, Gleann Ùige, Mùideart – 10 Am Màrt 1904, Springhill, Canada), aithnichte mar ‘Alasdair Ailein Mhóir’ agus ‘Bàrd na Ceapaich.’ Dh’imrich a phàrantan gu Canada ann an 1830, agus rinn iad an dachaidh faisg air Beinn na Ceapaich.

Nochd an dàn ‘A’ Ghrian’ leis an nòta: ‘Rinneadh an dàn seo le Alasdair Dòmhnallach a rugadh an Gleann Uig, am Mùideart, sa bhliadhna 1820, is a chaidh do Nobha Scotia le athair, Ailein Mòr, sa bhliadhna 1830.’ Tha e coltach gun do rinn Eachann MacDhùghaill an taghadh, oir ann an 1928, dheasaich e eagran ùr de Chlàrsach na Coille, co-chruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig à Alba Nuadh a dheasaich Alasdair MacGill-Eain Mac na Ceàrdaich an toiseach ann an 1881.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘A’ Ghrian’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar XV, Àireamh 2 (Samhradh 1918)

Stòrasan

  • Laurinda Matheson, ‘Alasdair Ailein Mhoir, Bard na Ceapaich,’ Rannsachadh na Gàidhlig 5 (2010)
  • Laurinda Matheson & Trueman Matheson (deas.), O Cheapaich nan Craobh: A’ Bhàrdachd aig Alasdair Ailein Mhóir, Bàrd na Ceapaich / From Keppoch of the Trees: The Poetry of Alexander MacDonald, the Keppoch Bard (Sìol Cultural Enterprises, 2008)