
Bha Alasdair MacDhòmhnaill (18 An Gearran 1858, Siorramachd Inbhir Nis, Ceap Breatainn – 24 An Gearran 1941) na shagairt, agus bha ha e ’n sàs ann am foghlam agus ann an litreachas. Ann an 1903, fhuair e dreuchd mar shagart-paraiste ann an Cill Rìbhinn, Siorramachd Antaiginis, agus thàinig am pìos a nochd ann an Guth na Bliadhna le soidhneadh ‘Cill Rìbhinn, Antaiginis.’ Ann an 1908, chaidh MacDhòmhnaill a shuidheachadh mar Easbaig Bhictoria, Columbia Bhreatannach.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
- ‘Ionndrainn Alba’ [òran le Iain Mac Dhòmhnaill Mhic Iain le iomraidhean, Beurla is Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 3 (An Samhradh 1904)