Alasdair Mac a’ Phearsain

Dealbh-camara a nochd ann an ‘The Brave Sons of Skye’ (Dùn Èideann: Tormod MacLeòid, 1899), deas. Iain MacAonghais, eadar d. 218 agus d. 219.

B’ e bàrd agus saighdear (F. I. B. P., National Reserve, Late XV. The King’s Hussars) a bh’ ann an Alasdair Mac a’ Phearsain (gun deitichean dearbhte). Bhuineadh e don Chnoc Shlèiteach agus bha ceanglaichean làidir aige ri Clann Dhòmhnaill anns an Eilean Sgitheanach. Dh’fhoillsich e Treubhantas nan Gàidheal Albannach (gun deit, c. 1934), le coisrigeadh do ‘Lady MacDonald of the Isles.’ ‘S ann às a’ cho-chruinneachadh seo a thàinig an dà dhàn a nochd ann an Alba. Bha Alasdair Mac a’ Phearsain ’n sàs ann an deasbadan spreogach ann an Alba còmhla ri sgrìobhadairean eile.

Tha iomraidhean air an airm pailt anns an sgeulachd ‘An t-Each’ le ‘Alasdair Mac a’ Phearsain’, agus tha e coltach gur h-e an aon sgrìobhadair a th’ ann.

Nuair a rugadh Alasdair Somhairle Aonghas, oighre do Chlann Dhòmhnaill, sgrìobh Alasdair Mac a’ Phearsain duan-molaidh, ‘Fàilte do Mhac Oighre Mhic Dhòmhnuill.’

‘S ann bho Greg MacThòmais (Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig) a fhuair mi fiosrachadh mun leabhar The Brave Sons of Skye (1899), far an do nochd an dealbh-camara, agus mun duan-molaidh.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Alba

  • ‘Tapachd nan Gàidheal’ [bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh 30 (29 An Lùnastal 1908)
  • ‘Treubhantas nan Gàidheal’ [bàrdachd, Gàidhlig], Àireamh 36 (10 An Dàmhair 1908)
  • ‘Tapadh nan Gàidheal’ [iomraidh air an dàn, Gàidhlig], Àireamh 36 (10 An Dàmhair 1908)
  • ‘Tapadh nan Gàidheal; “I” agus “Innis”’ [iomradh air an dàn & mìneachadh, Gàidhlig], Àireamh 39 (31 An Dàmhair 1908)
  • ‘Am Bàrd Uibhisteach [bàrdachd le iomraidhean, Gàidhlig], Àireamh 41 (14 An t-Samhain 1908)
  • ‘“I” agus “Innis”’ [freagairt, Gàidhlig], Àireamh 42 (21 An t-Samhain 1908)
  • [litir, Gàidhlig], Àireamh 45 (12 An Dùbhlachd 1908)
  • An Sasannach agus an Deise Ghàidhealach’ [artaigil, Gàidhlig], Àireamh 48 (2 Am Faoilleach 1909)

An Sgeulaiche

  • ‘An t-Each’ [sgeulachd airson na cloinne, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 1 (An Sultain 1909)

Stòrasan

  • Iain MacAonghais, The Brave Sons of Skye (Dùn Èidean: Tormod MacLeòid, 1899)