Alasdair Dòmhnallach ‘Sandie Ashtree’

A-rèir nòta an deasaiche a nochd ann an Guth na Bliadhna (An Geamhradh 1906), bha Alasdair Dòmhnallach, ‘Sandie Ashtree’ (c. 1831 – c. 1906) na dhorsair aig a’ mhanachainn ann an Cille Chuimein. Chaochail e o chionn ghoirid mus do nochd an t-òran anns an iris. Rinn e an t-òran nuair a bha e a’ fuireach ann an Eilean Sgarba.

Chaidh an dealbh-camara a thogail faisg air a’ mhanachainn agus chaidh a lorg anns an Leabhar III de Ghuth na Bliadhna a thàinig gu Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig bho leabharlann Manachainn Cille Chuimein. Air cùl an deilbh, tha nòta sgrìobhte: ‘A. MacDonald, porter, May 1902.’ Mar sin, tha e coltach gun do chùm aon de na manaich an dealbh-camara mar chuimhneachan air a’ bhàird.

Guth na Bliadhna

  • ‘Òran Sgarba’ [òran, Gàidhlig], Leabhar III, Àireamh 1 (An Geamhradh 1906)