Chaidh dà phìos leis an sgrìobhadair air an robh ‘Alasdair Beag’ (gun deitichean dearbhte) fhoillseachadh ann an Guth na Bliadhna: ‘Mo Sgeul’, eadar-theangachadh bho sheann Ghàidhlig na h-Èireann gu Gàidhlig na h-Alba (nochd an dan an toiseach ann an Songs of Summer and Winter le Kuno Meyer), agus an aiste ‘Gaelic Literature and Professor Kuno Meyer.’ Tha an aiste a’ moladh gun deach Meyer shuidheachadh mar Òraidiche MhicCaluim ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu, agus tha i a’ toirt iomradh air co-chruinneachaidhean nan làmh-sgrìobhaidhean Albannach agus gainnead rannsachaidh. Na bu anmoiche, bha Iain N. MacLeòid a’ cleachadh ‘Alasdair Mòr’ mar ainm-pinn, agus ’s dòcha gu bheil ceangal ann eadar an dithis.
Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean
-
- ‘Mo Sgeul’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 1 (An Geamhradh 1904)
- ‘Gaelic Literature and Professor Kuno Meyer’ [artaigil, Beurla], Leabhar I, Àireamh 1 (An Geamhradh 1904)