Alasdair A. MacRath

Bha Alasdair A. MacRath (gun deitichean dearbhte) stèidhichte ann an Winton, Sealann Nuadh. Rinn e tar-sgrìobhadh de ‘Cumha: Do Cheathrar Iainean na h-Alba’, marbhrann a rinn Coinneach MacRath à Loch Aillse anns an 18mh linn. Nochd an dàn an toiseach ann am Mac-Talla, agus chuir Dòmhnall Mac a’ Phearsain à Sydney, Alba Nuadh, gu Alba e. Sgrìobh Alasdair MacRath litir gu Guth na Bliadhna, ’s e ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu òran le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair.

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • ‘Litir’ [litir, Beurla; a’ buntainn ris an òran ‘Tha Mi a’ Creideamh a’ Phapa’ le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair], Leabhar II, Àireamh 4 (Am Foghar 1905)

Alba

  • Coinneach MacRath: ‘Cumha: Do Cheathrar Iainean na h-Alba’ [bàrdachd, Gàidhlig; tar-sgrìobhadh le Alasdair A. MacRath; air a cuir gu Alba le Dòmhnall Mac a’ Phearsain], Àireamh 36 (10 An Dàmhair 1908)