Ailean Dòmhnallach

Dealbh-camara a chaidh ath-fhoillseachadh ann am ‘Bàrdachd Mhgr Ailein: The Gaelic poems of Fr. Allan McDonald of Eriskay’, deas. Iain Latharna Caimbeul (1965).

B’ e sagart, bàrd, agus eòlaiche beul-aithris a bh’ ann an Ailean Dòmhnallach, ‘Maighstir Ailein’ (25 An Dàmhair 1859, An Gearasdan – 8 An Dàmhair 1905, Èirisgeigh). Sgrìobh Gilleasbuig Caimbeul iomradh-bàis air Ailean Dòmhnallach a nochd ann an Guth na Bliadhna (Foghar 1905), agus bha Ruaraidh Arascain a’ moladh càrn-cuimhne dha (Samhradh 1907).

Tha e a-nis follaiseach gur h-ann le Ailean Dòmhnallach a tha an dàn ‘Eilean na h-Òige’ a nochd ann an Guth na Bliadhna. Mar a mhìnich Raghnall MacilleDhuibh ann an Eilein na h-Òige: The Poems of Fr. Allan McDonald (Glaschu: Mungo, 2002; d. 505), tha e gu math coltach gun do dh’fhoillsich Ailean Dòmhnallach dà phìos eile ann an Guth na Bliadhna eadar 1904 agus 1905, fon ainmean-pinn. 

Sgrìobhaidhean anns na h-Irisean

Guth na Bliadhna

  • [gun ainm]: ‘Eilein na h-Òige’ [bàrdachd, Gàidhlig], Leabhar I, Àireamh 2 (An t-Earrach 1904)
  • ‘Iain Mac an Tàilleir’: ‘Boban Saor’ [rosg, Gàidhlig], Volume I, Àireamh 4 (Am Foghar 1904)
  • ‘Alasdair Ruadh’: ‘Fionn Mac Cumhail; Breith Fhinn; Mar a Thogadh Fionn, ’s mar a Bhaisteadh E’ [rosg, Gàidhlig], Leabhar II, Àireamh 1 (An Geamhradh 1905)

An Ròsarnach

  • ‘Duan an Dòmhnaich’ [bàrdachd, GD], Leabhar IV (1930); bho na làmh-sgrìobhaidhean aig Ailean Dòmhnallach, deasaichte le Dòmhnall Mac na Ceàrdaich

Stòrasan