A. Sgott Mac Fhraing

Bha Anndra Sgott Mac Fhraing (Beurla: Andrew Scott Rankin) (Obar Pheallaidh, 1868 – 1942) na neach-ealain agus na dhealbhadair.

Obair-ealain anns na h-Irisean

An Ròsarnach, Leabhar I (1917)

  • ‘Jeanne D’Arc, a’ Mhaighdean Orleanach’, aiste le Aonghas MacEanraig. Nochd an dealbh ann an Guth na Bliadhna (Geamhradh 1924).
  • ‘Bean a’ Bhocsa Bhuidhe’, sgeulachd le Iain MacCormaig: “Thàinig dreag de bhoireannach òg sgiobalta rathad an t-Srath”; “Thoir an tigh ort; ach beir an toiseach às an abhainn an nid a chuir t’ ìoraltan innte”
  • ‘Nighean Rìgh-fo-Thuinn’: “Ràinig i Diarmaid, agus dh’èigh da a leigeil a stigh”; “Chuir i Diarmaid anns a’ bhoitean, ‘s thug i leatha air a muin e!”; “Mu’n do leig e am focal às a bheul, sheas duine beag ruadh am meadhon an uillt”

An Ròsarnach, Leabhar II (1918)

Stòrasan

  • ‘Andrew Scott Rankin,’ UK Art
  • David M. Robertson, Andrew Scott Rankin (1868–1942): A Perthshire Artist (Friends of Perth and Kinross Council Archive, 2015)