Fàilte gu làrach-lìn a’ phròiseict ERSKINE a tha a’ rannsachadh nan irisean Gàidhlig a stèidhich Ruaraidh Arascain is Mhàirr tràth anns an fhicheadamh linn, na buaidhe a bha aca air litreachas na Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba, agus nan daoine a bha ’n sàs annta, ann an Alba fhèin agus gu h-eadar-nàiseanta. B’ iad sgioba a’ phròiseict Dr Petra Johana Poncarová (neach-rannsachaidh Marie Curie) agus Àrd-Ollamh Murray Pittock (meantor). Chaidh am maoineachadh gu crìoch anns an t-Sultain 2025, ach tha an obair a’ leantainn, agus tha an làrach-lìn fhathast a’ fàs.
B’ e iomairtiche, sgrìobhadair, agus neach-deasachaidh a bh’ ann am Ruaraidh Arascain is Mhàirr (1869–1960) a bha ’n sàs gu domhainn ann am poilitigs agus cultair aig fin-de-siècle agus ann an iomadh gnìomhachd co-cheangailte ri neo-eisimeileachd na h-Alba agus ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Chuir e air dòigh còig irisean: Am Bàrd (1901–1902, mìosachan), Guth na Bliadhna (1904–1925, ràitheachan), Alba (1908–1909, iris sheachdaineach; 1920–1921, iris sheachdaineach, mìosachan), An Sgeulaiche (1909–10 mìosachan, 1910–11 ràitheachan), agus An Ròsarnach (1917, 1918, 1921, 1930, bliadhnachan). Bha sgrìobhaidhean sa Ghàidhlig, eadar-theangachaidhean bho Ghàidhlig gu Beurla, agus aistean air cuspairean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a’ nochdadh ann an dà iris eile a bha Ruaraidh Arascain a’ deasachadh, ged a bha tiotalan Beurla orra: The Scottish Review (1914–1920, ràitheachan) agus The Pictish Review (1927–1928, mìosachan).
Tharraing na h-irisean lìonra de sgrìobhadairean Albannach agus eadar-nàiseanta, agus leudaich iad naidheachdas agus litreachas ùr anns a’ Ghàidhlig. Gu soirbheachail, mheasgaich iad seallaidhean os-nàiseanta, poilitigs radacail, agus sgrìobhadh air an robh fèill na bu farsainge. Leis an ùidh a bha aca ann an dùthchannan Ceilteach eile agus anns an Roinn-Eòrpa agus beachdan adhartach air mar a ghabhas cultar na Gàidhlig leasachadh, b’ e ionadan de co-obrachadh eadar-nàiseanta a bh’ annta agus freumhan de gnìomhachasan cultarail, oir bhrosnaich iad dràma na Gàidhlig agus na ciad nobhailean a chaidh fhoillseachadh anns a’ chànan.
Fhuair am pròiseact taic-airgid tro Iomairtean Marie Skłodowska-Curie, barantas bho UKRI, agus bha e air a thoirt gu buil aig Oilthigh Ghlaschu ann an 2023–2025.